Compelling Television from Scotland
Authentic, Creative, Distinctive
Telebhisean buadhail à Alba
Dearbhte, Cruthachail, Sònraichte

Mu ar deidhinn

heading_for_st_kilda_croppedTha MacTV na chompanaidh riochdachaidh a tha air iomadh duais a chosnadh agus a tha cliùiteach airson prògraman aithriseach, prògraman ciùil agus prògraman ealain a tha buadhail, cruthachail agus cumhachdail – ann an Beurla agus Gàidhlig.

Stèidhte ann am bòidhchead nan Eilean Siar ann an Alba, le luchd-obrach leasachaidh ann am meadhan na dùthcha, tha an sgioba de 20 fiosraichte agus mòr-mhiannach. Tha iad dìoghrasach, cruthachail, agus earbsach agus an-còmhnaidh deiseil airson dùbhlain ùra, agus ‘s e MacTV an companaidh telebhisein neo-eisimeileach as motha sa Ghàidhleatachd agus sna h-Eileanan.

Tha sinn an-dràsta aon de na riochdairean phrògraman as motha airson sianal TBh Gàidhlig na dùthcha, BBC ALBA. Nam measg, ‘s e Trusadh, prìomh sreath aithriseach na sianail – agus sinn ag innse sgeulachdan tarraingeach an là an-diugh ann an Alba.

Tha an companaidh fhathast a’ fàs agus an tuilleadh phrògraman aig àrd ìre thar iomadh gnè air an dèanamh. Nam measg tha measgachadh de phròiseactan eadar-nàiseanta co-riochdachaidh a th’ aig ìre riochdachaidh agus ìre leasachaidh.

Mar phàirt de sin tha sinn ag amas air co-obrachadh le companaidhean ann an diofar sgìrean craolaidh san Rìoghachd Aonaichte, san Roinn Eòrpa, agus aig ìre chruinneil nas fharsainge.