Compelling Television from Scotland
Authentic, Creative, Distinctive
Telebhisean buadhail à Alba
Dearbhte, Cruthachail, Sònraichte

Cur fios gu

calum-angus-marsaili-clishamAig MacTV tha sinn dìoghrasach mu bhith a’ cruthachadh phrògraman a tha smaoineachail le caractaran taitneach agus cuspairean a bheir buaidh. Tha na prògraman ciùil againn cuideachd air an cur ri chèile gu h-ealanta agus sinn a’ toirt ur luchd-coimhid air turas a tha cruthachail, drùidhteach agus sònraichte.

Tha mòr eòlas againn cuideachd mar sgioba air prògraman chloinne agus prògraman òigridh, sreathan mu dhòigh-beatha agus dràma, agus tha sinn an-còmhaidh a’ lorg bheachdan ùra agus tàlant ùr.

Ma tha fìor dheagh bheachd telebhisein agad, no ma tha thu den bheachd gu bheil format mìorbhaileach agad – leig fios thugainn. Bu mhath leinn cluinntinn bhuaibh ! Ged nach eil cinnt ann gun tig e gu buil, bheir sinn sùil air agus nì sinn meòrachadh air.

A bharrachd air an sin ma tha thu nad stiùiriche ealanta ann an Alba, agus ùidh agad a bhith ag obair leinn, cuir do CV thugainn.

Aig ìre eadar-nàiseanta bu mhath leinn cuideachd cluinntinn bho chompanaidhean à dùthchannan eile aig a bheil an aon miann, agus aig am biodh ùidh ann a bhith ag obair còmhla. Companaidhean a tha ag iarrraidh beachdan agus pròiseactan ùra a leasachadh ‘s dòcha mar iomairtean co-riochdachaidh agus an toirt gu buil aig ìre cruinneil.

Faodaidh sibh fios a chuir thugainn aig – info@mactv.co.uk