Trusadh
Groundbreaking Gaelic documentary series

De th'air...

Trusadh: La air leth? - 13mh an t-Sultain, 9pm BBC ALBA

Tha Leòdhas ‘s na Hearadh, anns na h-Eileanan Siar, a-measg na h-àiteachan mu dheireadh a tha a’cumail na Sabaid ann am Breatainn. Tha cuisean ag atharrachadh air na h-eileannan, ge ta, le dùbhlan air a dhèanamh air beachdan traidiseanta mun t-Sabaid.

 

A’ coinneachadh ri iomadh tè ‘s fear as a’ phobaill, bho ministearan gu pàrantan gu luchd-naidheachd, tha e soilleir gu bheil iomadh argamaid ann airson an traidisean a tha seo a chumail beò. Tha aon nì air am faod gach aon dhiù aontachadh, ge ta - gum faic na bliadhnachan a tha ri teachd atharrachadh air an t-Sabaid, a bhios riatanach ann mar a thèid an latha a’ ghleidheadh le ginnealachdan eile.

Soillse: Turas Katia - 1mh an t-Sultain, 9pm BBC ALBA

Tha sreapaidear òg Katia Lafaille ann an dùbhlan aonranach, tiamhaidh air turas garbh agus cunnartach air slèibhtean reòite, nimheil Beinn Aconcagua ann an Ceann a deas Ameireigeidh mar chuimhneachain sònraichte pearsanta air an duin’ aice.

 

Bho thoiseach a turas ann am Mendoza, Argentina, tha sinn a’ leantainn gach ceum de n turas tiamhaidh aice ’s  i a’ bòideachadh air gach ìre den turas meud agus doimhneachd a gaol dhan chèle a chaill a bheatha air beinn àrd.

 

iTRAD

Naidheach...

PROGRAMAN RI THIGHINN - Celtic Sessions - BBC ALBA

Horo 3

Taghadh den luchd-ciuil as talantaich bho fheis Celtic Connections.